Teaching in Gaelic (Gaelic Version)

ARROW

Teagasg sa Ghàidhlig

This page is also available in English

Tha Teagasg sa Ghàidhlig na dhreuchd air leth cudromach airson tè de chànainean nàiseanta na h-Alba ath-bheòthachadh. ’S e cànan beò a th’ ann an Gàidhlig na h-Alba a tha ga labhairt le còrr is 50,000 daoine, an dà chuid ann an coimhearsnachdan dùthchail agus teis-mheadhan bhailtean mòra.

Tha dreuchd dheatamach aig tidsearan sa Ghàidhlig a thaobh leasachadh sgilean cànain dhaoine òga tro bhogadh sa chànan, aig an aon àm ’s a tha iad a’ leasachadh nam buannachdan cognatach a thig le dà-chànanachas. Bidh iad cuideachd a’ togail saoranachd agus misneachd tron chultar agus dualchas prìseil is luachmhor na Gàidhlig Gàidhlig a tha le gach neach ann an Alba ge b’ e dè cànan a bhios iad a’ bruidhinn san dachaigh.

Lauren
"Bha mi ag obair le tidsear bho chionn fhada a bhiodh ag ràdh tric gur e an tidsear an goireas as fheàrr a th’ againn gus ar cànan a chumail beò. Bidh mi a’ smaoineachadh air na briathran aice bho àm gu àm agus tha sin gam chumail ceart! ’S e tidsearan de dh’àrd chàileachd ann an seòmar-sgoile Gàidhlig a bhios a’ toirt buaidh shàr-mhath air adhartas nan sgoilearan"Alasdair Mac a’ Phì – Tidsear Bun-sgoile sa Ghàidhlig aig Bun-sgoil Chnoc a’ Chonaisg

Alasdair MacPhee

Na cothroman ann an teagasg sa Ghàidhlig

Tha teagasg sa Ghàidhlig a’ toirt cothrom do thidsearan eòlas luachmhor fhaighinn agus fìor dhiofar a dhèanamh, chan ann a-mhàin do dhaoine òga, ach do phàirt dheatamach de chultar na h-Alba. Ma dh’fhaoidte gum faigh iadsan a tha ùr dhan druechd gu bheil obair sa Ghàidhlig a’ leigeil leotha an cruthachas a chur gu feum, na sgilean ceannais aca a leasachadh agus a dhol an-sàs ann an coimhearsnachd a tha an dà chuid dlùth ach air feadh na dùthcha tro lìonraidhean leithid Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig agus CLAS.

Agus chan e a-mhàin na cothroman teagaisg a tha tarraingeach. Tha iomadh sgoil far a bheil foghlam Gàidhlig ga lìbhrigeadh ann an cuid de na àiteachan dùthchail as bòidhche ann an Alba, no ann am meadhan nam bailtean mòra beòthail aice.

An t-iarrtas airson tidsearan sa Ghàidhlig

Bidh Riaghaltas na h-Alba ag obair le Bòrd na Gàidhlig airson barrachd thidsearan a bhrosnachadh gus obair sa Ghàidhlig. Tha seo na phrìomh thargaid ann am Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, leis na feumlachdan luchd-obrach a tha aig Foghlam Gàidhlig. Tha an t-iarrtas airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a’ sìor-fhàs gu luath ri linn nam buannachdan aig bogadh agus dà-chànanachas agus tha fèill mhòr air tidsearan le Gàidhlig an dà chuid sa bhun-sgoil is san àrd-sgoil, air feadh na h-Alba.

Gus fuasgladh fhaighinn air an trioblaid le solar luchd-obrach, bidh Bòrd na Gàidhlig a’ ruith Sgeama Tabhartasan Foghlaim gach bliadhna. Bidh an sgeama seo a’ toirt thabhartasan do dh’oileanaich Tùs-fhoghlam Thidsearan (ITE) airson dà bhliadhna de phrògram fo-cheumnach no airson bliadhna sgeama fhor-cheumnaich. Bidh e cuideachd a’ toirt seachad taic-airgid dhaibhsan a dh’fhàg obair airson teagasg a leantainn, agus a’ cuideachadh le cìsean far nach eil maoineachadh SAAS ri fhaotainn.

Cha chuir iarrtas do Sgeama Tabhartasan Foghlaim stad ort on a bhith a’ sireadh taic eile leithid a’ bhursaraidh STEM ma tha sin fosgailte dhut (Tha am bursaraidh STEM a’ cur fàilte air iarrtasan o luchd-labhairt na Gàidhlig).

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu theagasg Gàidhlig ann an Alba, thoir sùil air stiùireadh feumail Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba:

Ciamar a bhios tu a’ teagasg sa Ghàidhlig?

Thèid teagasg sa Ghàidhlig a dhèanamh thar roghainn fharsaing de dhreuchdan agus roinnean. Anns a’ chiad dol a-mach aig ìre na bun-sgoile, far an urrainn dhut obair ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig far am bi clann gam bogadh anns a’ chànan o Thràth-bhliadhnaichen no Bun-sgoil a h-Aon, a’ faighinn a h-uile cuspair tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig co-ionnan ri Foghlam tro Mheadhan na Beurla ach le dà-chànanachas mar luach a bharrachd.

Airson a dhol nad thidsear, feumaidh tu teisteanas Tùs-fhoghlam Thidsearan (ITE) aithnichte. Faodaidh seo a bhith na theisteanas fo-cheumnach no for-cheumach

Gus a bhith comasach ITE a dhèanamh, feumaidh tu na leanas:

  • Teisteanas Nàiseanta sa Bheurla aig ìre 6 SCQF (m.e. Àrd-ìre) no teisteanas iomchaidh eile
  • Teisteanas Nàiseanta ann am Matamataig aig ìre 5 SCQF (m.e. Nàiseanta 5) no teisteanas iomchaidh eile
  • Airson teagasg tro Mheadhan na Gàidhlig, thathar a’ moladh gum bi Teisteanas Naiseanta agad ann an Gàidhlig no Gaelic (Learners) aig ìre 6 SCQF level 6 (e.g. Àrd-ìre) no teisteanas iomchaidh eile
  • an comas a labhairt, a leughadh ’s a sgrìobhadh le àrd-ìre de dh’fhileantachd. Airson a’ mhòr chuid de phrògraman, thathar a’ moladh gum bi do chomas co-ionnan ri C1 no C2 air Siostam Cumanta Eòrpach airson Measadh Ionnsachadh Chànan (CEFR/SCEMIC).

Foghlam Bun-sgoile

Gus obair ann am Foghlam Bun-sgoile tro Mheadhan na Gàidhlig, ’s urrainn dhut slighe cùrsa sònraichte Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a leantainn (a leigeas leat teagasg tro Mheadhan na Beurla cuideachd), no ma tha thu air cùrsa ITE Foghlam tro Mheadhan na Beurla a dhèanamh, ’s urrainn dhut obair ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig cuideachd mas urrainn dhut sealltainn do luchd-fastaidh gu bheil an fhileantachd agus na sgilean litearrachd freagarrach agad airson teagasg sa Ghàidhlig.

Gus teisteanas fhaighinn mar thidsear bun-sgoile ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, feumaidh tu fear de seo:

  • Teisteanas fo-cheumnach leithid Ceum MA no BA (ùrram) ann am Foghlam aig ìre SCQF 10
  • Teisteanas For-cheumnach leithid Dioploma Proifeiseanta Ceumnach ann am Foghlam no Dioploma For-cheumnach ann am Foghlam (PGDE) aig Ìre SCQF 11 agus ceum fo-cheumnach freagarrachd aig Ìre SCQF 9 no 10.

Foghlam Àrd-sgoil

Aig ìre ard-sgoile, ’s urrainn do thidsearan sa Ghàidhlig a bhith dà-theisteanaichte, a’ teagasg an dà chuspair; Gàidhlig do dh’fhileantaich agus Gàidhlig do Luchd-ionnsachaidh, a’ cumail suas foghlam bogaidh do dhaoine òga ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig no a’ teagasg Gàidhlig mar nua-chànan.

Gus teisteanas fhaighinn mar thidsear àrd-sgoil ann am Foghlam Gàidhlig, feumaidh tu coinneachadh ris na h-aon shlatan-tomhais ri tidsearan ann am Foghlam tro Mheadhan na Beurla:

  • Teisteanas fo-cheumnach leithid Ceum MA no BA (Ùrr) ann am Foghlam aig ìre SCQF 10
  • No teisteanas for-cheumnach leithid
    • Dioplòma Proifeiseanta For-Cheumach ann am Foghlam
    • Dioplòma For-cheumach ann am Foghlam (PGDE) aig Ìre SCQF 11
    • A bharrachd air fear de na ceuman sin, feumaidh tu ceum fo-cheumnach freagarrach aig ìre SCQF 9 no 10.

Gus teisteanas fhaighinn mar thidsear àrd-sgoile Gàidhlig agus Gàidhlig do Luchd-ionnsachaidh, feumaidh tu:

  • Ceum ann an Gàidhlig no Ceiltis (a’ sònrachadh ann an Gàidhlig na h-Alba) agus Dioplòma Proifeiseanta Forcheumnach ann am Foghlam (PGDE)
  • No BA (Ùrram) fo-cheumnach ann an Gàidhlig le Foghlam.

Cuideachd, ’s urrainn do thidsearan sa Ghàidhlig a bhith nan tidsearan chuspairean sònraichte ann an cuspair sam bith a tha ga tabhann ann an Alba. Bidh iad a’ teagasg a’ chuspair aca m.e. Matamataig no Nuadh-eòlas, tro Mheadhan na Gàidhlig, a’ leasachadh agus a’ neartachadh sgilean cànain nan sgoilearan aca.

Gus teisteanas fhaighinn mar thidsear cuspair shònraichte tro Mheadhan na Gàidhlig, feumaidh tu:

  • Ceum na do chuspair sònraichte agus Dioploma Proifeiseanta Fo-cheumach ann am Foghlam (PGDE) 
  • NO ceum ceithir bliadhna fo-cheumanach anns a’ chuspair shònraichte agad le Foghlam 
  • Feumaidh tu sealltainn do luchd-fastaidh gu bheil an fhileantachd agus na sgilean litearrachd freagarrach agad airson teagasg sa Ghàidhlig.

Tha Oilthigh Shrath Chluaidh agus Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean cuideachd a’ tabhann slighean sònraichte airson teisteanas Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig do dh’oileanaich ITE a tha airson an cuspair sònraichte aca a theasgasg tro mheadhan na Gàidhlig a bharrachd air Beurla.

Airson barrachd fiosrachaidh mu theagasg sa Ghàidhlig ann an Alba, thoir sùil air leabhar-iùil cuideachdail na Comhairle Coitchinne Teagaisg.

Buannachdan aig teagasg sa Ghàidhlig

Bidh tidsearan sa Ghàidhlig a’ cur luach mòr a-steach gu beatha nan sgoilearan aca agus na sgìre ionadail, a’ toirt Gàidhlig beò agus a’ cleachdadh an cuid ùidhean agus sgilean gus seo a dhèanamh. Bidh iad ag ullachadh agus a’ toirt bhuidhnean de dhaoine òga gu Mòdan agus Fèisean, a’ ruith sgiobaidhean iomain agus ball-coise, a’ cuideachadh le riochdachadh fhilmichean goirid do bhuidhnean dràma airson FilmG, a’ teagasg chòmhlain cèilidh ’s ceòl traidiseanta agus uile aig an aon àm a bhios iad an-sàs ann an gnìomhan fad-sgoile agus a’ cur ri beatha coimhearsnachd na sgoile.

Mar am biodh tu an dùil, tha an t-eòlas seo a’ toirt deagh bhuaidh air na sgilean agad fhèin, a’ leasachadh ceannais agus iomairt, agus a’ cruthachadh ceangal làidir leis na sgoilearan agad agus a’ chòimhearsnachd cuideachd. Mar thidsear sa Ghàidhlig, ’s urrainn dhut do dhealas dha na cur-seachadan as fheàrr leat a chur ri chèile leis a’ chuspair as aille leat airson fìor dheagh spionnadh a thoirt do dh’òigridh, dhan sgoil agus dhan chànan aig an aon àm.

Mur eil Gàidhlig agad

Gu deimhinne, tha fileantachd sa Ghàidhlig deatamach airson a bhith comasach teagasg sa Ghàidhlig. Ach mur eil sgilean Gàidhlig agad, no chan eil ach na bunaitean agad, cha chuir siud stad ort air an t-slighe gus teagasg sa Ghàidhlig.

Ma leanas tu ceum fo-cheumnach, tha cùrsaichean Tùs-fhoghlam Thidsearan ri fhaotainn airson luchd-tòiseachaidh agus luchd-ionnsachaidh eadar-mheadhanach a leigeas leat fileantachd sa chànan a leasachadh aig an aon àm ri bhith a’ leasachadh do sgilean teagaisg.

Ma leanas tu slighe fhor-cheumnach, bu chòir dhut a bhith fileanta aig inntrigeadh, oir cha bhi tìde sa chùrsa ITE sgilean cànain a leasachadh. Mar sin, ma dh’fhaoidte gum bi thu airson modalan Gàidhlig a dhèanamh tron cheum fho-cheumnach agad.

Air an làimh eile, tha iomadh cothrom Ionnsachadh Proifeiseanta Fad Dhreuchd (CLPL) nuair a bhios teisteanas agad. A-rèir na h-ìre de Ghàidhlig a tha agad mar-tha airson do sgilean Gàidhlig a leasachadh:

Tha seo a’ toirt a-steach:

  • Cànan na Gàidhlig sa Bhun-sgoil (a bhios a’ cuideachadh Gàidhlig a theagasg mar L2 no L3 ann am Bun-sgoiltean), 
  • Bogadh Gàidhlig do Luchd-obrach Foghlaim (àite fad-bhliadhna air cùrsa bogaidh) 
  • Cùrsa STREAP air a ruith le Oilthigh Obar Dheathain agus Sabhal Mòr Ostaig OGE
    • Tha am prògram aon bhliadhna seo a’ measgachadh ionnsachadh air loidhne agus air an àrainn agus a tha ga theagasg air fad tro mheadhan na Gàidhlig. Tha e làn-mhaoinichte le Riaghaltas na h-Alba, a’ toirt a-steach chosgaisean siubhal, àite-fuirich agus solar thidsearan-ionaid airson sgoil an oileanaich

 

Register for our free guide

Register for updates and a free guide to teaching

Register for the guide

Start your teaching application today

Visit UCAS to start your teaching application.

Apply through UCAS